Blas Gàidhlig aig Fèis Cheilteach Innse Gall

  • 20 An t-Iuchar 2017
Fèis Cheilteach Innse Gall

Tha na mìltean ann an Stèornabhagh is Fèis Cheilteach Innse Gall air fosgladh gu h-oifigeil.

Agus eadar ceòl is dannsa is eile, bidh cothrom aig an t-sluagh beagan Ghàidhlig ionnsachadh cuideachd - bho thè às a' Bhreatainn Bhig, am measg eile.

"Uell 's e sgioba bheag shnog a tha a' feuchainn ri beagan blas Gàidhlig a thoirt dhan fheadhainn a tha a' tighinn dhachaigh chun na Fèise, agus feadhainn eile, daoine a th' anns an eilean mar thà, a th' aig an fhèis," thuirt ceannard sgioba Ghàidhlig na Fèise, Chrisella Ross.

"Tha mu dhusan de dh'òigridh bho Sgoil MhicNeacail na lùib, agus dhà no thrì inbhich.

"Bidh sinn a' dèanamh chlasaichean anns na madainnean, bidh 25, no rudeigin mar sin a' tighinn thuige. Clasaichean le blas Gàidhlig 's le geamaichean.

"Abairtean a dh'fhaodas iad a chleachdadh, mar "abair là!" no rudan 's mathaid a chluinneas iad.

"Agus feasgar bidh sinn a' dol a-mach chun an raoin far a bheil an fhèis fhèin, 's tha balùnaichean againn, 's bidh sinn a' bruidhinn ri daoine. Tha abairtean air na balùnaichean leithid "botannan brèagha dannsaidh", no "siuthad! Suidh is èist".

"Rudan beaga mar sin.

"Tha na balùnaichean ga thogail, eil fhios a'ad? Tha iad a' toirt cothrom dha daoine a bhith a' faireachdainn gu bheil e caran aotrom.

"Tha tè anns an sgioba againn am-bliadhna a th' air a thighinn às an Fhraing.

"Tha ùidh anns a' chànan. Tha ùidh anns an rud a tha sònraichte an seo, eil fhios a'ad a thaobh dualchais.

"Agus an leithid dhaoine a tha a' tighinn dhan fhèis, tha seòrsa de dh'eòlas aca mar thà air sin, 's tha iad dìreach ag iarraidh blas dheth dhaibh fhèin.

"Tha mise a' smaoineachadh gu bheil iarrtas ann airson barrachd a dhèanamh bho dhaoine a thig.

"Tha na h-amhrain, nuair a tha thu ag èisteachd nuair a tha na h-amhrain ann an Gàidhlig, no fiù 's amhrain a th' ann am Beurla 's am blas a th' aca a thaobh cainnt.

"Tha e cho fearasta a dhèanamh. Eil fhios a'ad, tha daoine ag iarraidh rudan mar sin aig àm fèise. Tha iad fosgailte.

"Agus cho fad' 's gu bheil e aotrom. Feumaidh tu sin a dhèanamh.

"Chan eil iad a' dol a dh'ionnsachadh Gàidhlig air fad, ach dìreach fiù 's a' faighinn blas, tha e a' dèanamh togail," thuirt i.