Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Innsidh an dà thaobh ann an còmhraidhean Bhrexit an-diugh dè an t-adhartas a rinn iad an t-seachdain seo. Seo an là mu dheireadh den dàrna cuairt de na còmhraidhean a thòisich anns a' Bhruiseil Diluain.

Nì Rùnaire an Leasachaidh Eadar-Nàiseanta, an Dr. Liam Fox, òraid ann an Geneva an-diugh air an t-seòrsa càirdeis a tha esan a' sùileachadh eadar Breatainn agus an còrr den t-saoghal an dèidh Bhrexit. Canaidh e nach e aontaidhean malairt saora den t-seòrsa a tha Breatainn an dòchas a dhèanamh leis an EU an aon dòigh air malairt a bhrosnachadh eadar dùthchannan, agus gum feum Breatainn a margaidhean a leudachadh.

Dùn Èideann

Gheibh Dùn Èideann agus ceann an ear-dheas na h-Alba na milleanan Notaichean de thaic-airgid le aonta baile ùr. Cuiridh Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte £300m an urra ri leasachadh, bun-structar, taigheadas, turasachd agus cultar.

Grenfell

Dhiùlt ceannard ùr Comhairle Khensington agus Chelsea a dreuchd fhàgail an dèidh dhan t-sluagh a dhol na h-aghaidh aig coinneimh phoblaich an-raoir far an robh mòran de na thàinig beò à Tùr Ghrenfell. Thuirt Ealasaid Chaimbeul gun gabh ise oirre uallach na h-obrach a' stèidheachadh earbas às ùr, agus a' rannsachadh dol-a-mach na Comhairle sa chùis.

Dementia

Tha rannsachadh eadar-nàiseanta ag ràdh gun gabhadh an treas cuid de chùisean dementia seachnadh nan toireadh daoine barrachd chùraim dhan slàinte eanchainne. Tha an sgrùdadh ag ràdh gu bheil daoine reamhair, le trom-inntinn, a' smocadh, no nach eil a' dèanamh mòran eacarsaich nas buailtiche fulang.

Aiseag a' Chorrain

Tha Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich, an MCA, a' beachdachadh an-dràsta air sgrùdadh a rinn dàibhearan an-dè air bàt-aiseig a' Chorrain, a bhris sìos agus a chaidh air na creagan Disathairne. Tha e coltach nach deach a droch mhilleadh, ach feumaidh làn-sgrùdadh sàbhailteachd a bhith ann mus fhaod i tilleadh dhan t-seirbheis. Agus tha Comhairle na Gàidhealtachd a tha a' ruith na seirbheis a' beachdachadh air bàt-eile do luchd-siubhail air chois a chur air an t-seirbheis gus an till am bàta àbhaisteach.

Na Dons

Chaidh dithis de luchd-taic ball-coise Obar Dheathain a ghoirteachadh ann an àimhreit ann am Bosnia ron gheama a-nochd an aghaidh Siroki Brijeg. Chaidh ionnsaigh a thoirt air buidhinn de mu 50 de luchd-taic ann am baile Mostar, ach tha e coltach nach deach duine a dhroch leòn.