Fireannach fo chasaid às dèidh mar a chaidh leanabh a leagail le càr

  • 20 An t-Iuchar 2017
Làrach na tubaiste Image copyright JASPERIMAGE
Image caption Thachair an tubaist oidhche Mhàirt

Nochd fireannach ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis fo chasaid neach a dhroch ghoirteachadh le bhith a' dràibheadh gu cunnartach, nach do stad e às dèidh tubaist, agus nach do chlàr e tubaist.

Bha seo às deidh mar a chaidh balach, 4, a leagail le càr, nach do stad, ann an Gàrraidhean Springfield anns a' bhaile oidhche Mhàirt.

Cha do rinn Iain Dòmhnallach, 33, tagradh sam bith agus chaidh a shaoradh air urras.

Tha dùil ris anns a' chùirt a-rithist ro dheireadh na h-ath-sheachdainn.

Dàil

Aig a' cheart àm dhearbh fear-labhairt bho Sheirbheis nan Carbadan Eiridinn nach do ràinig iad làrach na tubaiste gu 20:08 - còrr air fichead mionaid às dèidh dhaibh brath èiginn fhaighinn - leis gu robh na criubhaichean aca air a bhith trang le gairmean èiginn eile.

Chaidh am balach a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir an toiseach, mus deach a ghluasad gu Ospadal Rìoghail Obar Dheathain.

Chan eil dùil gu bheil e ann an cunnart a bheatha.

Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu na thachair brath a chur thuca.