Inbhe UNESCO dhan Ghàidhlig?

  • 20 An t-Iuchar 2017
Hiort Image copyright Getty Images
Image caption Tha Hiort air dà inbhe Làrach Dhualchais na Cruinne fhaighinn bho UNESCO.

Am bu chòir inbhe dìon UNESCO a shireadh dhan Ghàidhlig?

Tha Cathraiche Comataidh Thar Phàrtaidh na Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba, a' smaointinn gum bu chòir.

Thàinig am beachd am bàrr aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Steòrnabhagh an-uiridh.

Tha Ceit Fhoirbeis BPA a' dol a dh'iarraidh taic poilitigeach nas fharsainge airson na h-iomart.

Am measg nan cuspairean-deuchainn a tha UNESCO air a chur mu choinneamh iarrtasan, feumar 'ceangail follaiseach a bhith ann ri tachartasan neo tradaiseanan beò, neo creideamhan, ri sàr obair ealain is litreachais a tha cudtomach aig ìre uile-choitcheann.'

Thuirt am ball Albannach 'son an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair is Bàideanach gur e dòigh a bhiodh ann airson ceòl, dulachas agus an seann nos a thoirt dhan ath ginealach.

Dòighean pragtaigeach

"'S e dìrean aon dòigh de diofar dhòighean sin a dhèanamh - gum bi a' Ghàidhlig againn anns an àm ri teachd agus gum bi fios aig an ath ghinealach mu dheidhinn nan diofar tradaiseanan againn.

Ach thuirt i nach e inbhe a-mhàin a bhiodh an lùib aithne fhaighinn aig ìre UNESCO.

"Tha tòrr diofar dhòighean pragtaigeach ann airson dìon a chur air a' chànan agus air an t-seann nos.

"Mar eisimpleir, tha coimhearsnachdan agus buidhnean, tha iadsan mar phàirt den dòigh aig UNESCO airson an canan agus an seann nos a thoirt dhan ath ghinealach.

"Agus tha e gu math cudromach nach e dìreach cànan a th'againn bho na bliadhnaichean 'sa chaidh ach tha an cànan ag atharrachadh san àm ri teachd cuideachd.

Mar Chathraiche Comataidh Thar Phàrtaidh na Gàidhlig, tha Ceit Fhoirbeis ag ràdh gur e an ath cheum a bhiodh ann dèanamh cinnteach gu bheil taic poileataich ann.

Agus an uairsin tha iad ag ràdh gu bheil e riatanach gum bi taic anns na coimheasnachdan Gàidhlig.

Às dèidh sin, tòisichidh i an uairsin a' bruidhinn ri UNESCO airson feuchainn ris an inbhe seo fhaighinn.