Aiseag a' Chorrain a' ruith a-rithist

  • 20 An t-Iuchar 2017
Aiseag a' Chorrain Image copyright john allan/geograph
Image caption Nochd iarrtas bho sheann cheannard Chomhairle na Gàidhealtachd gun deadh drochaid a thogail thar na linne.

Tha aiseag a' Chorrain a' ruith a-rithist às dèidh dhith briseadh 's a dhol air na creagan Disathairne.

Dhearbh sgrùdadh nach deach ach glè bheag de mhilleadh a dhèanamh oirre.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun do thill i chun na seirbheis feasgar Diardaoin, 's i a' toirt leatha an dà chuid carbadan agus luchd-coise.

Bha a' Chomhairle a' beachdachadh air seirbheis a chur air dòigh do luchd-coise a-mhàin nam biodh sin air a bhith a dhìth.

Mì-thoileachas

Bha mì-thoileachas anns an sgìre leis gu bheil am bàt'-aiseig eile, Maid of Glencoull, a-mach à seirbheis cuideachd 's obair-càraidh ga dèanamh oirre.

Nochd beachd aig toiseach na seachdain bho sheann cheannard Chomhairle na Gàidhealtachd, an Dr. Mìcheal Foxley, gum bu chòir drochaid a thogail thar na Linne Duibhe.

Tuilleadh air an sgeulachd seo