Ceathrar gan dìteadh airson reic dhrogaichean

  • 20 An t-Iuchar 2017

Chaidh triùir fhireannach à Liverpool agus boireannach à Inbhir Nis a dhìteadh airson heroin agus cocaine a reic anns a' cheann a tuath.

Dh'aidich Tòmas MacAoidh, 31, à Liverpool gun robh e an lùib a bhith a' reic heroin agus cocaine ann an Eilginn eadar an Dùbhlachd 2016 agus am Faoilleach 2017. Chaidh binn de thrì bliadhna a chur air.

Chaidh binn de cheithir bliadhna agus naoi mìosan a chur air Terence Hodson, 32, a bha a' reic dhrogaichean ann an Inbhir Nis agus an Eilginn.

Chaidh binn de thrì bliadhna agus naoi mìosan a chur air Joseph Waters, 20.

Thugar binn de thrì bliadhna agus ceithir mìosan do dh'Ealasaid Nash, 37, à Cnoc Moire faisg air Inbhir Nis.

Thuirt am britheamh, am Morair Burns, gun robh ise air a bhith aig meadhan na cùise.

Bha luach mu £105,000 anns na drogaichean a chaidh fhaighinn.

Chaidh a' bhuidheann a chur an greim às deidh iomairt faire a bha ag amas air daoine à ceann a tuath Shasainn a tha a' reic dhrogaichean ann an Alba.