Dòchas ùr mu chumhachd ath-nuadhachail

  • 20 An t-Iuchar 2017
Tuath-gaoithe Image copyright PA
Image caption Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil sia mìosan cudromach air thoiseach oirre

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad air am misneachadh, agus dòchas às ùr ann gum faigh pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail anns na h-Eileanan Siar cothrom air cùmhnantan ùra, Contracts for Difference.

Choinnich BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, ri Ministear a' Chumhachd, Ridseard Harrington, Dimàirt, agus thuirt Mgr MacNèill gu bheil an iomairt airson chùmhnantan sònraichte CFD a' gluasad air adhart.

Bhiodh cead a dhìth cuideachd ge-tà, bhon Choimisean Eòrpach.

Thuirt Stiùiriche Leasachaidh na Comhairle, Calum Iain MacÌomhair, gu bheil na cùmhnantan seo riatanach dhan iomairt gus càball mara fhaighinn eadar na h-Eileanan agus Tìr-Mòr.

Cuideachadh

"Tha e cudromach airson an interconnector gu bheil cuideachadh ann - tha an cuideachadh a' tighinn bhon rud air a bheil iad a' gabhail Contracts for Difference. 'S e rùp a tha sin far am bi na companaidhean a' cur a-steach airson cuideachadh fhaighinn. Mura faigh sinn a-steach dhan rùp sin, chan fhaigh sinn cuideachadh agus cha tig an interconnector so 's e ceum riatanach a tha seo - mura tachair seo, chan eil pròiseactan a' dol a thachairt anns na h-Eileanan."

Thuirt e, ma gheibh iad a-steach dhan pròiseas tagraidh, gu bheil na companaidhean a tha ag obair anns na h-Eileanan misneachail gun urrainn dhaibh tairgsean math a chur air adhart.

"Tha na companaidhean ag innse dhuinn gu bheil iad-san gu math misneachail gun urrainn dhaibh "bid" a bhios soirbheachail a chur a-steach dhan rùp - tha sinn an dòchas gu bheil sin ceart agus bheir sinn dhaibh a h-uile cuideachadh airson dèanamh cinnteach gun tachair sin".

Thuirt Mgr MacÌomhair, às dèidh grunn chnapan-stara bho thòisich an iomairt airson cumhachd ath-nuadhachail a bhrosnachadh anns na h-Eileanan, gu bheil dòchas aige a-nis gu bheil adhartas dha-rìribh an impis tachairt.

"Tha sinn an dèidh a bhith an sàs ann an cumhachd ath-nuadhachail 'son mu thimcheall fichead bliadhna - tha sinn aig aon àm a' smaoineachadh gu bheil sinn aig an doras 's gu bheil e a' dol a thachairt 's an uair sin tha briseadh-dùil ann," thuirt e.

"An naidheachd a tha a' tighinn a-mach às a' choinneimh leis a' Bhall-Phàrlamaid agus am Ministear, tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin a' toirt misneachd mhòir dhuinn - tha mise den bheachd a-nis gu bheil rudeigin a' dol a thachairt ach tha sia mìosan cudromach air ar beulaibh far an dèan sinn cinnteach gun dèan am Ministear an rud a tha e a' cantainn, gum faigh na h-Eileanan a-steach dhan rùp agus gu bheil cothrom aig na companaidhean a bhith a' cur tairgse a-steach - ma thachras sin tha mise misneachail gu bheil sinn a' dol a dh'fhaighinn rudeigin às an seo mu dheireadh thall."

Tuilleadh air an sgeulachd seo