Inbhe UNESCO dhan Ghàidhlig?

  • 20 An t-Iuchar 2017
Drochaid an Eilein Sgitheanaich
Image caption Tha Ceit Fhoirbeis ag ràdh gu bheil e deatamach gun cuir coimhearsnachdan na Gàidhlig taic ris an iomairt.

Tha Cathraiche Comataidh Thar-Phàrtaidh na Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, a' cur a taic ri iomairt inbhe UNESCO a shireadh dhan Ghàidhlig.

Nochd beachd bho Cheann-Suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Iain MacLeòid, aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail an-uiridh, gum bu chòir oidhirp a dhèanamh air inbhe UNESCO fhaighinn dhan na h-Eileanan Siar mar làrach shònraichte a thaobh na Gàidhlig.

Tha Ceit Fhoirbeis a' dèanamh dheth gun cuidicheadh inbhe UNESCO le bhith a' glèidheadh na Gàidhlig anns an àm na teachd.

"Tha inbhe UNESCO a' ciallachadh gum bi inbhe "intangible cultural heritage" aig a' Ghàidhlig agus tha sin a' ciallachadh gum bi dòigh ann a' toirt a' chiùil, an dualchais againn 's an t-seann nòs dhan ath-ghinealach. 'S e dìreach aon dòigh de dhiofar dhòighean air sin a dhèanamh - a bhith cinnteach gum bi a' Ghàidhlig againn anns an àm ri teachd".

"Dìon pragtaigeach"

Tha i a' dèanamh dheth gun cuireadh inbhe de a leithid dìon pragtaigeach air a' Ghàidhlig.

"Chan e dìreach rudeigin a thaobh inbhe - tha tòrr dhiofar dhòighean pragtaigeach airson dìon a chur air a' chànan agus an seann nòs. Mar eisimpleir, tha coimhearsnachdan agus buidhnean - tha iad-san mar phàirt den dòigh aig UNESCO airson an cànan 's an seann nòs a thoirt dhan ath-ghinealach agus tha e gu math cudromach nach e dìreach cànan a th' ann bho na bliadhnaichean a dh'fhalbh, ach tha an cànan ag atharrachadh anns an àm ri teachd cuideachd".

Feumar dearbhadh a-nis, thuirt i, gu bheil taic phoileataigeach ann, agus an uair sin gu bheil taic dhan mholadh am measg choimhearsnachd na Gàidhlig.

Thuirt i gu bheil e deatamach gun cuir muinntir na Gàidhlig fhèin an taic ris an iomairt seo, neo cha tig i gu buil.

"'S e an rud as cudromaiche dèanamh cinnteach gu bheil taic ann an coimhearsnachdan na Gàidhealtachd airson seo - mura h-eil taic ann, anns na buidhnean agus na coimhearsnachdan Gàidhlig, cha tig inbhe UNESCO."

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile