Dh'fheuch maor ri Ralaidh an Snowman a stad

  • 21 An t-Iuchar 2017
Joy Robson Image copyright PETER JOLLY NORTHPIX
Image caption Bhàsaich Joy Robson aig ralaidh an Snowman ann an 2013

Dh'innis fear a bha ag obair mar mhaor aig Ralaidh an Snowman ann an 2013 gun robh luchd-amhairc a' sgreuchail air nuair a dh'fheuch e ris an rèis a thoirt gu crìch, 's e a' faireachdainn nach robh i sàbhailte.

Thuirt John Clayton, 72, à Muile, gun robh e airson an rèis a stad ri linn 's gun robh luchd-amhairc nan seasamh ro fhaisg air an trac, goirid mus deach boireannach a mharbhadh nuair a thàinig càr far an trac.

Bha e a' bruidhinn aig Rannsachadh Tubaist Bhàsmhoir ann an Dùn Èideann, a tha cuideachd a' coimhead ri bàs thriùir eile aig Ralaidh Jim Clarke anns na Crìochan ann an 2014.

Chaidh Joy Robson, 51, à Port Rìgh, a mharbhadh nuair a thàinig craobh san robh an càr air bualadh a-nuas oirre.

Bhuail an càr ann an creig mhòir ri taobh an trac, a' toirt air an dràibhear smachd a chall air an Honda Civic, a dh'fhalbh an uair sin air car a' mhuiltein fad mu 40m (130tr).

Thuirt am fear-sgrùdaidh tubaiste, Seòras Lemmon, nach robh e air a bhith comasach don dràibhear smachd fhaighinn air ais air a' chàr.

B' e an dràibhear, Graeme Schoneville, 31, a th' air innse don rannsachadh roimhe gun do rinn an càr "car a' mhuiltein san adhair", nuair a thachair an tubaist.

Chuala an rannsachadh gun tàinig an càr gu stad 10m (32tr) bhon trac, a' leagail craoibhe a thuit air Ms Robson.

Thuirt Mgr Lemmon nach robh e comasach innse dè cho luath 's a bha an càr a' falbh aig an àm, ach gur ann eadar 60 is 65m.s.u. an t-amas a bh' air a bhith aig an dràibhear sa bhitheantas.

Thuirt fianaisiche roimhe nach robh e a' faireachdainn "uile gu lèir sàbhailte" mus do thachair an tubaist.

Thuirt Gòrdan Mac an t-Sutharlanaich, 53, a bha a' seasamh mu dheich meatair air falbh bho Joy Robson a chaill a beatha san tubaist, gun robh e an impis gluasad gu àite eile.

Thuirt e cuideachd gun robh luchd-faire aig an ralaidh a' dèanamh na h-obrach aca gu ceart, leis gun deach iarraidh air roimhe gluasad gu àite eile.

Dh'innis mac Joy Robson, Dean, don rannsachadh gun robh e fhèin 's a mhàthair am beachd gluasad gu àite eile cuideachd, 's iad a' faireachdainn nach robh iad sàbhailte.

Tha dùil gum mair an rannsachadh grunn sheachdainnean.