Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Am BBC

Dh'fhoillsich am BBC liosta de luchd-obrach a tha a' cosnadh còrr air £150,000 sa bhliadhna. Tha 96 duine dhiubh sin ann, agus 's e Chris Evans as motha a tha a' cosnadh le còrr is £2.2m. Nas tràithe thuirt Àrd-Stiùiriche a' BhBC, am Morair Hall, gu bheil iad ag obair gu ruige tuilleadh cothromachd an dèidh dha tighinn am follais nach eil boireannaich ach anns an treas cuid den fheadhainn as motha a tha a' cosnadh aig a' bhuidhinn.

Brexit

Tha Comataidh an Aonaidh Eòrpaich ann an Taigh nam Morairean ag ràdh gu bheil argamaid làidir ann airson aonta fa-leth do dh'Alba nuair a dh'fhàgas Breatainn an EU. Thuirt a' Chomataidh gu bheil adhbharan làidir eaconamach agus poileataigeach ann spèis a thoirt dha na dùthchannan anns an Rìoghachd Aonaichte aig a bheil fèin-riaghladh. Ach tha an aithisg ag ràdh gum biodh Alba a' fuireach anns a' Mhargaidh Shingilte an dèidh Bhrexit dona do dh'eaconamaidh na Rìoghachd Aonaichte air fad.

Tha àrd-bhall Gearmailteach ann am Pàrlamaid na h-Eòrpa a' fàgail air àrd-bharganaiche an EU air Brexit gu bheil esan a' feuchainn ri Breatainn a pheanasachadh. Tha Hans Olaf Henkel a' cumail a-mach gu bheil Michel Barnier airson gum bi Breatainn a' fàgail an EU na thubaist cho dona agus nach iarradh dùthaich sam bith eile falbh.

An Caibineat

Dh'iarr Rùnaire an Dìon, Sir Mìcheal Fallon, air a charaidean sa Chaibineat gabhail ri modhan airm mar dìlseachd agus fèin-smachd. Rinn an Seansalair, Philip Hammond, gearain air an deireadh-sheachdain gun robh feadhainn anns a' Chaibineat a' dèanamh dìmeas air le bhith a' sgaoileadh fiosrachaidh mu choinneamhan dìomhair, agus rinn Theresa May oidhirp air cur às do dh'eas-aonta am measg mhinistearan an Riaghaltais an dèidh sin.

Trosg

Tha trosg a' tilleadh dha na bùthainnean agus taighean-bìdh a-rithist an dèidh dearbhadh gu bheil an stoc aig ìre sheasmhaich a-rithist, an dèidh deich bliadhna de chasg leis cho gann 's a bha an t-iasg. Thuirt Comhairle Stiùbhartachd na Mara gur e gnìomhachas an iasgaich fhèin as motha a rinn airson an stoc a thogail a-rithist.

Tuath-gaoithe

Tha Cumhachd Gaoithe Leòdhais, co-bhanntachd eadar EDF agus AMEC, ag ràdh nach eil iad a' sguir a bhruidhinn ri croitearan, agus connspaid eadar an dà bhuidhinn leis gu bheil iad le chèile ag iarraidh tuath-gaoithe air an aon phìos fearainn faisg air Steòrnabhagh. Tha na croitearan a' cur Achd na Croitearachd am feum, agus iad a' feuchainn ri còir fhaighinn air an talamh. Tha dùil ris a' chùis ann an Cùirt an Fhearainn a dh'aithghearr.