Binn beatha 'son muirt an Inbhir Nis

  • 19 An t-Iuchar 2017
Mìcheal Mac an Tàilleir Image copyright Police Scotland

Chaidh binn beatha sa phrìosan air fireannach, 72, airson boireannach a mhurt na dachaigh fhèin ann an Inbhir Nis.

Feumaidh Mìcheal Mac an Tàilleir co-dhiù 16 bliadhna a chur seachad sa phrìosan.

Chuala an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann gun tug Mac an Tàilleir ionnsaigh chaothach air Ealasaid NicAoidh - air an robh cuideachd an sloinneadh Muir - a bha 60, uaireigin eadar 28mh agus 31mh Màrt 2016.

Rinn e dochann cho dona oirre mu a ceann, le a dhùirn agus le poit, 's gun do bhàsaich i.

Chaidh Ms NicAoidh a lorg an dèidh do dhithis charaidean dhi tadhal oirre far an do lorg iad a corp air ùrlar a' chidsin.

Image copyright Police Scotland
Image caption Chaidh Ealasaid NicAoidh a mharbhadh na dachaigh fhèin an-uiridh.

Chaidh Mac an Tàilleir às àicheadh na casaid, ach chaidh DNA bhuaithe a lorg air corp Ms NicAoidh, agus chaidh lorgan a mheòir na fuil faisg air a corp.

Chaidh DNA Ms NicAoidh a lorg air uaireadair a bha e a' caitheamh nuair a chaidh a chur an grèim seachdain às dèidh na h-ionnsaigh.

Cuideachd, dh'innis luchd-obrach meidigeach bhon phrìosan far an robh Mac an Tàilleir ga chumail gun do dh'aidich e na h-uimhir riutha. Dh'innis e dhaibh, gun iarraidh, nach robh e ach air corra sgleog a thoirt do Mhs NicAoidh, ag ràdh gun robh e ga dhìon fhèin agus i air tighinn thuige le sgithinn.

Cha deach sgian a lorg ge-tà, agus cha do ghabh an diùraidh ris an àicheadh.

A' bruidhinn às dèidh do bhinn a bhith air a thoirt seachad, thuirt Nicky Patrick, Neach-Casaid a' Chrùin airson Muirt agus Mòr-Eucorra:

"Thug Mìcheal Mac an Tàilleir ionnsaigh bhrùideil a dh'fhàg boireannach marbh na dachaigh fhèin, agus chuir a bàs iongnadh mòr air a' choimhearsnachd ionadail.

"Ged a chaidh e às àicheadh na h-eucorra, rinn dealas nam Poileas agus an luchd-casaid cinnteach nach do sheachainn e ceartas airson a chuid dhol a-mach uabhasaich."