Fear an greim agus leanabh air a leagail le càr

  • 19 An t-Iuchar 2017
Poileas

Chaidh fireannach, aois 33, a chur an grèim às dèidh do ghille aois 4 a bhith air a dhroch leòn nuair a chaidh a leagail le càr ann an Inbhir Nis.

Thuirt na Poilis nach do stad dràibhear a' chàir aig làrach na tubaiste aig Springfield Gardens ann an sgìre a' Bhucht den bhaile.

Thachair an tubaist mu 7:45f oidhche Mhàirt agus tha na Poilis airson bruidhinn ri duine sam bith a chunnaic na thachair, gu h-àraidh ma chunnaic iad càr dubh Ford Focus.

Chaidh an gille beag a chaidh a leòn a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir.

Tha an rannsachadh a' leantainn.