Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Pàigheadh a' BhBC

Dh'fhoillsich am BBC liosta de luchd-obrach a tha a' cosnadh còrr 's ceud gu leth mìle not 'sa bhliadhna. Tha ceithear fichead 's sia duine deug dhiubh sin ann, agus 's e Chris Evans as motha a tha a' cosnadh aig còrr's 2.2 millean not. Nas tràithe thuirt Àrd-Stiùiriche a' BhBC, am Morar Hall, gu bheil iad ag obair gu ruige tuilleadh cothromachd an dèidh dha tighinn am follais nach eil boireannaich ach anns an treas cuid den fheadhainn as motha a tha a' cosnadh aig a' bhuidhinn.

Brexit

Tha Comataidh an Aonaidh Eòrpaich ann an Taigh nam Morairean ag ràdh gu bheil argamaid làidir ann 'son aonta fa-leth do dh'Alba nuair a dh'fhàgas Breatainn an EU. Thuirt a' chomataidh gu bheil adhbharan làidir eaconomach agus poileataigeach ann spèis a thoirt dha na dùthchannan 'san Rioghachd Aonaichte aig am bheil fèin-riaghladh. Ach tha an athaisg ag ràdh gum biodh Alba a' fuireach 'sa mhargaidh shingilte an dèidh Bhrexit dona do dh'eaconomaidh na Rìoghachd Aonaichte gu lèir.

Henkel

Tha àrd bhall Gearmailteach ann am Pàrlamaid na h-Eòrpa a' fàgail air àrd-bharganaiche an EU air Brexit gu bheil e a' feuchainn ri Breatainn a pheanasachadh. Tha Hans-Olaf Henkel a' cumail a-mach gu bheil Michel Barnier 'son gum bi Breatainn a' fagail an EU na thubaisd cho dona agus nach iarradh dùthaich sam bith eile falbh.

Dìon

Dh'iarr Runaire an Dìon, Sir Michael Fallon, air a charaidean 'sa chaibineat gabhail ri modhan airm mar dìlseachd agus fèin-smachd. Rinn an Seansalair, Philip Hammond, gearain air an deireadh sheachdain gu robh feadhainn 'sa chaibineat a' dèanamh dìmeas air le bhith a' sgaoileadh fiosrachaidh mu choinneimhean dìomhair agus rinn Theresa May oidhirp air cur às do dh'eas-aonta am measg mhinistearan an riaghaltas.

Trosg

Tha trosg a' tilleadh dha na bùithtean agus taighean-bìdh a-rithist an dèidh dearbhaidh gu bheil an stoc aig ìre sheasmhach a-rithist, an dèidh deich bliadhna de chasg leis cho gann 's bha an t-iasg. Thurt Comhairle Stiùbhardachd na Mara gur e gnìomachas an iasgaich fhèin 's motha a rinn 'son an stoc a thogail a-rithist.

Cumhachd Ath-nuadhachail

Tha Cumhachd Gaoithe Leòdhais, co-bhanntachd eadar EDF Energy agus AMEC, ag radh nach eil iad air sguir de bhruidhinn ri croitearan agus connspaid eadar iad leis gu bheil iad le cheèile ag iarraidh tuath-sgoithe air an aon phìos fearainn faisg air Steòrnabhagh. Tha na croitearan a' cur Achd na Croitearachd am feum agus iad a' feuchainn ri còir fhaighinn air an talamh. Tha dùil ris a' chùis ann an Cùirt an Fhearainn a dh'aithghearr.