Gainnead àiteachan air aiseagan eileanach

  • 19 An t-Iuchar 2017
Bàt'-aiseig
Image caption Thuirt Mgr MacIllInnein gun do chaill e trì clàraidhean an t-seachdain seo leis nach fhaigheadh an luchd-turais air bòrd an MV Loch Seaforth.

Tha gainnead àiteachan air seòlaidhean eadar Steòrnabhagh is Ulapul a' dèanamh cron air gnìomhachasan eileanach a rèir neach-ghnothachais an Leòdhas.

Tha Alasdair MacIllInnein, a tha a' ruith taigh-aoigheachd ann an Steòrnabhagh, ag ràdh gu bheil e air trì clàraidhean a chall an t-seachdain seo.

Thuirt Mgr MacIllInnein gur e a bu choireach nach fhaigheadh an luchd-turais air bòrd an MV Loch Seaforth.

Tha an t-aiseag air a bhith air leth trang thairis air mìosan an t-Samhraidh, agus tha am fear-gnothachais ag ràdh gu bheil e riatanach gun tèid an suidheachadh a leasachadh.

"Bha fios againn aig toiseach an t-seusain gun robh sinn gu bhith trang agus bu chòir, nam bheachd-sa, dà aiseag a bhith a' ruith bho àm a' Chàisg gu deireadh na Sultain," thuirt e.