Dòchas mu chùmhnantan gaoithe eileanach

  • 19 An t-Iuchar 2017
Crann-gaoithe ga thogail

Tha dòchas as ùr ann air cùmhnantan agus taic-airgid do phròiseactan cumhachd ath-nuadhachail anns na h-Eileanan.

Seo a rèir BhP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, às dèidh dha coinneachadh ri Ministear a' Chumhachd, Ridseard Harrington, Dimàirt.

Thuirt Mgr MacNèill gu bheil an iomairt airson nan cùmhnantan sònraichte - 'Cùmhnantan 'son Eadar-Dhealachaidh'(CFD) - a' gluasad air adhart.

A rèir Mhgr MhicNèill tha am ministear airson na pròiseactan eileanach a phutadh troimhe, agus tha dùil gun tig taic an Riaghaltais am follais sa chiad chairteal de 2019.

"A rèir 's na bha iadsan ag ràdh, gu bheil gu leòr a' faireachdainn 's air a ràdh riutha gum bi CFDs nan eilean nan CFDs anns a' chuan mar gum biodh," thuirt Mgr MacNèill.

"Bha iadsan a' smaointinn gum biodh na h-eileanan a' buannachadh air thoiseach air teicneòlasan eile ann am poit a dhà.

Cha bhithear a' dèanamh sgaraidh eadar pròiseactan mòra coimearsalta agus pròiseactan coimhearsnachd ge-tà.

Feumair cead fhaighinn bhon Choimisean Eòrpach agus feumaidh lagh a dhol tron Phàrlamaid airson tomhas a dhèanamh air na pròiseactan.