Trosg ceadaichte a reic a-rithist

  • 19 An t-Iuchar 2017
Trosg Image copyright Getty Images
Image caption Tha Comhairle Stiùbhartachd na Mara air co-dhùnadh gu bheil stocan truisg a-nis air tilleadh gu ìre far am faodar a bhith gan iasgach a-rithist.

Tha e a-nis ceadaichte do bhùithtean agus taighean-bìdh trosg bhon Chuan a Tuath a reic a-rithist.

Seo 10 bliadhna às dèidh mar a theab sgrios a dhèanamh air stoc an èisg,

Thòisich iomairtean gus an t-iasg a dhìon ann a 2006 nuair a thuit an stoc gu 36,000 tunna.

Tha Comhairle Stiùbhartachd na Mara air co-dhùnadh gu bheil stocan truisg a-nis air tilleadh gu ìre far am faodar a bhith gan iasgach a-rithist.