Cait fhiadhaich gan nochdadh

  • 18 An t-Iuchar 2017
Cat fiadhaich Image copyright RZSS/Siân Addison
Image caption Rugadh na cait do 'Ness' agus 'Zak', a' toirt na h-àireimh de chait fhaidhaidh a rugadh agus a thogadh aig Pàirc Fiadhbheatha na Gàidhealtachd gu 20 thairis air na 4 bliadhna a dh'fhalbh.

Chaidh na trì cait fhiadhaich a rugadh aig pàirc bheathaichean air a' Ghàidhealtachd a thaisbeanadh gu poblach 'son a' chiad uair Diciadain.

Rugadh na cait do 'Ness' agus 'Zak', a' toirt na h-àireimh de chait fhaidhaidh a rugadh agus a thogadh aig Pàirc Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd gu 20 thairis air na 4 bliadhna a dh'fhalbh.

Thuirt luchd-stiuìridh na pàirce gu bheil an obair acasan a' cur gu mòr ris an oidhirp gus stad a chur air a' chrìonadh 's cunnart ann gum faodadh na beathaichean seo a dhol à bith uile gu lèir.

Tha beachd ann gur dòcha gu bheil nas lugha na 110 cait fhiadhaich air fhàgail ann an Alba leis gu bheil iad air a bhith a' briodadh le cair àbhaisteach.