Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Atmhorachd

Thuit an atmhorachd gu 2.6% san Ògmhios - sìos bho 2.9% anns a' Chèitean - rud ris nach robh dùil. Tha sin fhathast os cionn na h-ìre aig 2% air a bheil Banca Shasainn ag amas. Thuirt Oifis nan Staitistig Nàiseanta gu bheil ìsleachadh ann am prìs na h-ola air feadh an t-saoghail am measg na chuir ris an lùghdachadh.

Theresa May

Thug Theresa May rabhadh do Bhuill-Phàrlamaid agus do mhinistearan Tòraidheach gum feum iad sguir den bhigearachd a rinn sgaradh anns a' phàrtaidh bho bha an Taghadh Coitcheann ann. Thuirt i riutha aig cruinneachadh anns na Cumantan an-raoir gu bheil taghadh aca eadar i fhèin no Jeremy Corbyn ann an Sràid Dhowning.

Brexit

Chuir còrr is 60 duine aig àrd-ìre an Alba an ainm ri litir ag iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte stad a chur air Brexit. Tha iad ag ràdh gu bheil droch bhuaidh Brexit a' sìor fhàs follaiseach gach là. Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun deach bhòtadh gu deamocratach airson falbh às an EU, agus gu bheil dleastanas air an Riaghaltas sin a thoirt gu buil.

Prìosanaich

Tha Ball-Pàrlamaid Tòraidheach, Liam Kerr, a' càineadh mar a tha Riaghaltas na h-Alba a' dèiligeadh ri prìosain agus prìosanaich, agus figearan air an d' fhuair am BBC sealadh ag ràdh gun robh 21 prìosanach le dìteadh airson ionnsaighean drabasta, marbhadh le coire agus murt ma sgaoil an Alba anns a' Chèitean am-bliadhna. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun deach seachdnar dhiubh sin a chur an grèim a-rithist on uair sin.

Leòdhas

Tha trì bailtean croitearachd ann an Leòdhas a' dol gu Cùirt an Fhearainn 's iad ag iarraidh cead tuath-gaoithe a thogail air an talamh-ionaltraidh aca fhèin. Ged a thàinig Urras Steòrnabhaigh gu aonta talamh ionaltraidh dà bhaile ann an sgìre Shanndabhaig agus Mealaboist a thoirt dhan chompanaidh EDF airson tuath-gaoithe, tha na croitearan a-niste ag iarraidh pàirt de dh'Achd na Croitearachd a chleachdadh airson an talamh a chleachdadh airson an leasachaidh aca fhèin.

Tùr Ghrenfell

Fhuair rannsachadh a rinn am BBC nach d' fhuair feadhainn a thàinig beò is feadhainn a chaill càirdean ann a teine Thùr Ghrenfell ach fìor ghlè bheag den airgead a chaidh a thogail dhaibh. Chuir am mòr-shluagh £18m, agus 40,000 bogsa ann an taic ris an tagradh, ach tha dragh ann nach eil daoine a' faighinn an airgid no an cuideachadh luath gu leòr.