Dùil ri leasachadh spòrs an Slèite

  • 18 An t-Iuchar 2017
Sabhal Mòr Ostaig Image copyright John Allan/Geograph

Tha dùil ri aithisg, mu dheireadh an t-Samhraidh, bhon sgrùdadh air plana 'son ionad agus raon spòrs air làrach na Cille Bige aig Sabhal Mòr Ostaig ann an Slèite.

Chan ann dhan cholaiste a-mhain a bhiodh na goireasan ùra, ach do cheann a deas an Eilein Sgitheanaich gu lèir.

"Tha seo mar phàirt de dh'fhearann na Cille Bige a cheannaich a' cholaiste o chionn trì no ceithir bhliadhnaichean a-niste," thuirt Ceannard Oighreachd is Sheirbheisean an t-Sabhail Mhòir, Dòmhnall-Angaidh Mac'Illinein.

"Tha co-chomhairleachadh poblach dìreach air a bhith againn, agus tha sinn a' sireadh bheachdan an t-sluaigh mun cuairt oirnn an seo, a bharrachd air na beachdan a th' againn fhèin mar cholaiste air dè dh'fhaodadh a bhith air a thogail an seo.

Airgead

"Bidh àite ann le innealan eacarsaich. Bidh talla ann a bhios co-dhiù dà uiread de thalla sam bith a th' againn an-dràsta, airson iomadh cur-seachad is geamaichean is spòrs a-staigh.

"Ach cuideachd, a bharrachd air an togalach fhèin, tha sinn ag amas air raon-cluiche a-muigh, agus 's e dìreach a' cheist a th' ann an-dràsta dè cho mòr 's a dh'fhaodadh sin a bhith leis an togalach a rèir na làraich a th' againn an seo air fad.

"Chan eil an leithid de rud ann againn ann an Slèite. Tha aig daoine, ma tha iad ag iarraidh goireas gym no amar-snàimh, a dhol co-dhiù turas eadar 40 mìle tha mi cinnteach 's 50 mìle eadar Caol Loch Aillse 's Port Rìgh.

"Agus ged a bhios na goireasan sin fhathast ann agus gu math luachmhor dha na coimhearsnachdan air fad 's dhan eilean, tha e math dhuinne ann an Slèite a bhith a' cur rudeigin romhainn fhèin a bhios gu buannachd nan oileanach gu h-àraid, agus nan daoine a tha a' fuireach mun cuairt oirnn.

"Tha sinn an dùil ris an aithisg air ais bhon luchd-sgrùdaidh mu dheireadh na Sultain, agus bhiodh an uair sin cothrom eile againn a dhol an sàs leis a' choimhearsnachd, sealltainn dhaibh 's a' taisbeanadh nam beachdan a thàinig a-mach às an sgrùdadh a tha sin ... a dhèanamh cinnteach gu bheil iad riaraichte, an ìre mhath, leis na th' ann.

"Bidh cosgais an uair sin ri obrachadh a-mach.

"Ach bhithinn an uair sin an dùil, taobh a-staigh can bliadhna bho an-dràsta, gum biodh iarrtasan airgid air an sgrìobhadh 's a-staigh.

"Le dòchas, ged nach eil e riamh soirbh, gu h-àraid san là a th' ann, agus le mì-chinnt gu leòr ann an saoghal ionmhais is roinnean poblach 's an leithid air cò às a thig an t-airgead, ach bidh sinn dìreach a' dol an sàs anns an dòigh àbhaistich le bhith a' dol a bhruidhinn ri diofar dhaoine 's na buidhnean.

"An rud as cudromaiche, ma tha taic làidir na coimhearsnachd leinn, uell shaoilinn gum biodh sin na bhuannachd mhòir dhuinn," thuirt e.