Ag ullachadh 'son Fèis Cheilteach Innse Gall

  • 18 An t-Iuchar 2017
Fèis Cheilteach Innse Gall Image copyright Colin Cameron
Image caption Tòisichidh an fhèis Diciadain

Tha an t-ullachadh mu dheireadh ga dhèanamh airson Fèis Cheilteach Innse Gall na bliadhna-sa.

Bidh an fhèis a' tòiseachadh Diciadain agus a' ruith gu Disathairne.

A-measg an luchd-ciùil a chìthear am bliadhna tha The Waterboys, Dougie MacLean agus Imelda May.

Tha an fhèis a' toirt togail mòr do dh'eaconomaidh Leòdhais, 's i a' tarraing nam mìltean dhaoine chun eilein.

Thuirt fear de stiùirichean na fèise, Murchadh MacIllinnein gu bheil iad gu mòr an eisimeil luchd saor-thoileach airson an fhèis a chur air dòigh, agus an cuideachadh a tha iad a' faighinn bho chompanaidhean ionadail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile