Dealbhan gan sireadh bho innealan "dashcam"

  • 18 An t-Iuchar 2017
Làrach na tubaiste Image copyright Jasperimage
Image caption Chaidh fear motor-baidhseagail a ghoirteachadh anns an tubaist

Tha na Poilis a' sireadh dhealbhan dashcam às dèidh tubaist le carbad-eiridinn agus motor-baidhseagal faisg air Druim na Drochaid Là na Sàbaid.

Thachair an tubaist beagan deas air Caisteal Urchadain mu 15:25 feasgar na Sàbaid.

Bha an carbad-eiridinn a' giùlain fireannaich a chaidh a ghoirteachadh ann an tubaist eile na bu thràithe air an là.

Chaidh am fear motor-baidhseagail a ghoirteachadh anns an tubaist.

Tha na Poilis gu h-àraidh airson bruidhinn ri dràibhear Fiat Panda ghorm a bha a' siubhal gu deas aig an àm.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile