Càrlabhagh an aghaidh Nis ann an Cupa EAF

  • 18 An t-Iuchar 2017
Gàrrabost

Bidh Càrlabhagh an aghaidh Nis sa chuairt dheireannaich de Chupa Eilein an Fhraoich.

Bha dràma gu leòr ann an Col Uarach oidhche Luain is Nis 1-0 air thoiseach air a' Bhac bhon chiad gheama.

Cha tug e fada dha na Bacaich an geama a thionndadh le tadhal às dèidh cairteal na h-uaireach.

Thàinig tadhal eile bho Chrìsdean MacLeòid is am Bac air thoiseach 2-0 aig lethach ùine.

Bha coltas ann gum biodh sin gu leòr dhaibh, ach le dìogan air fhàgail chaidh aig Finn Rush Taylor air am ball a chur dhan lìon dha Nis is chaidh an geama gu ùine a bharrachd.

Chaidh Am Bac air thoiseach a-rithist tro Lewis MacCoinnich is a-rithist thill Nis le tadhal eile, an turas seo bho Jack Dunlop.

Breaban-peanais

Chrìochnaich an geama 3-2 dhan Bhac, 3-3 thairis air an dà gheama, is chaidh na sgiobaidhean dha breaban-peanais.

Air a' cheall thall 's e Alasdair Moireach eadar na puist dha Nis an gaisgeach a bh' ann is e a' cur stad air trì de dh'oidhirpean a' Bhac, is Nis troimhe 3-2 air breaban-peanais.

Chaidh Càrlabhagh a Ghàrrabost 2-1 air thoiseach air an Rubha bhon chiad gheama.

Chaidh Càrlabhagh na b' fhaide air thoiseach sa chiad mhionaid, Aonghas Grannd leis an tadhal.

Fhreagair na Rubhaich gu làidir, ge-tà, tadhail bho Anndra Moireach is Mata Wright gan cur air thoiseach 2-1 air an oidhche is co-ionnan 3-3 thairis air an dà gheama.

Frasadh

Bha na tadhail a' frasadh a-steach is chuir Aonghas Grannd fear eile dha Càrlabhagh ro lethach slighe.

Bha làmh an uachdair aig Càrlabhagh san darna leth is chuir tadhail bho Dan Crossley (2) is Aonghas Grannd iad troimhe, 5-2 air an oidhche is 7-3 thairis air an dà gheama.

Ma sin, 's e Nis an aghaidh Chàrlabhaigh a bhios ann sa chuairt dheireannaich.

Cha do choinnich iad sa chuairt dheireannaich ach aon turas roimhe, Nis a' buannachadh 3-1 bho chionn 60 bliadhna.

Bidh a' chuairt dheireannach ann air an 11mh den Lùnasdal ann an Gàrrabost