Ceathrar Ghàidheal a' faighinn urraim aig 'Blas'

  • 18 An t-Iuchar 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Ceathrar Ghàidheal a' faighinn urraim aig 'Blas'

Thèid urram a chur air ceathrar Ghàidheal a dh'fhàg làrach mhòr air dualchas na Gàidhlig aig an fhèis Blas am-bliadhna.

Bidh aithne ga dhèanamh air Kenna Chaimbeul, Mòrag NicLeòid, Fergie Dòmhnallach agus Fionnlagh MacLeòid, 's iad uile air 80 bliadhna a ruighinn.

Gach bliadhna, tha an fhèis Blas a' cur urraim air cudèigin a th'air aois shònraichte a ruighinn 's a th'air mòran a dheanamh do chultur na Gàidhlig.

Bidh cuirm ann a' comharrachadh na rinn Kenna Chaimbeul a thaobh seinn is teagaisg òran.

Cuiridh oidhche eile aithne air na rinn Mòrag NicLeòid a thaobh saoibhreas òrain is eile aig Sgoil Eòlais na h-Alba.

Bidh a chuirm fhèin aig Fionnlagh MacLeòid - a choisinn cliù mar fhòghlamaiche, sgrìobhaiche is iomadh rud èile.

Agus Fergie Dòmhnallach, a bha cho cudromach a' cumail ceòl nan Gàidheal beò air a' bhocsa.

A bharrachd air a sin, chì fèis na bliadhna-sa cuirmean sònraichte fon ainm Dìleab Uilleim mu na h-òrain a chruinnich an sgoilear iomraiteach Uilleam MacMhathain.