Cead tuath-gaoithe ga shireadh air talamh ionaltraidh

  • 18 An t-Iuchar 2017

Tha trì bailtean croitearachd air iomall Steòrnabhaigh a' dol gu Cùirt an Fhearainn airson cead fhaighinn tuath-gaoithe a thogail air an talamh ionaltraidh aca fhèin.

Bho chionn grunn bhlaidhnaichean, thàinig Urras Steòrnabhaigh gu aonta talamh ionaltraidh dà bhaile ann an Sgìre Shanndabhaig agus Mealaboist a thoirt dhan chompanaidh EDF airson tuath-gaoithe a leasachadh.

Ach tha na croitearan a-niste ag iarraidh earrann 50 'B' de dh'Achd na Croitearachd a chleachdadh gus leigeil leotha an talamh a chleachdadh airson nan leasachaidhean aca fhèin.

Cha deach an earrann seo den làgh a chleachdadh san dòigh seo cheanna.

Thuirt neach-labhairt aig EDF gu bheil an tagradh aca do Chùirt an Fhearainn mar phàirt àbhaisteach sa phroiseas airson leasachaidhean gaoithe a stèidheachadh air talamh croitearachd,

"Nì Cùirt an Fhearainn cinnteach gum faigh na croitearan air talamh an lùib tuath-gaoithe Steòrnabhaigh aonta cothromach a-thaobh an teachd a-steach a gheibheadh iad 'son cruinn ghaoithe is eile a thogail air an talamh aca.

"Chaidh an tagradh againn do Chùirt an Fhearainn aontachadh eadar luchd-comhairliche a bha a' riochdachadh na mòr-chuid de chroitearan air an làraich.

"Thèid an tagradh againn, agus fiosrachadh mun dòigh son freagairtean a thoirt seachad, a shanasachd aig deireadh na mìos agus bidh fiosrachadh mionaideach ri fhaighinn air làraich-lìn LWP.

"Tha cead-dealbhachaidh slàn againn, agus aontaidhean airson ceangail ris a' ghriod aig na dhà thuathan gaoithe againn.

"Bidh na dhà dhiubh sin riatanach son coinneachadh ri iarrtasan an lùib Chùmnantan son Eadar-dhealachadh.