Trioblaidean Aiseag a' Chorrain
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Iarrtas airson drochaid thairis air an Linne Dhubh

17 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha na thachair le Aiseag a' Chorrain ann an Loch Abar a' dearbhadh gum bu chòir drochaid a bhith air a togail thairis air an Linne Dhubh - am beachd seann cheannard Chomhairle na Gàidhealtachd.

Bha an Dtr Mìcheal Foxley a' bruidhinn an dèidh mar a bhris am bàt'-aiseig sìos - agus mar a chaidh i air an creagan air an deireadh-sheachdainn.

Tha oifigearan na Comhairle ag ràdh nach eil fios aca cuin a bhios i air ais air an t-seirbheis.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.