Dithis gan goirteachadh às dèidh buairidh an Uibhist a Deas

  • 17 An t-Iuchar 2017

Chaidh fireannach agus boireannach a ghoirteachadh às dèidh buairidh aig taigh anns an Ìochdar ann an Uibhist a Deas Là na Sàbaid.

Chaidh fireannach, 41, a chur an greim.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn mu 19:00 oidhche na Sàbaid.

Nochdaidh an duine anns a' chùirt a dh'aithghearr.