Fiosrachadh ga iarraidh mu thubaist Dhòrnaich

  • 17 An t-Iuchar 2017

Tha na poilis ann an Cataibh a' sireadh fiosrachaidh mu dhroch thubaist air an A9 beagan tuath air Drochaid Dhòrnaich Dihaoine.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn beagan ro 17:00 Dihaoine 's motor-baidhseagal Triumph agus càr Ford Focus air bualadh na chèile.

Chaidh an dithis a bha a' siubhail air a' mhotor-baidhseagal, fireannach a tha 65 agus boireannach a tha 67, a thoirt dhan ospadal 's iad air an droch ghoirteachadh.

Bha an rathad dùinte fad grunn uairean a thìde às dèidh na tubaist.

Tha na poilis ag iarraidh air daoine a chunnaic an tubaist agus ris nach do bruidhinn iad fhathast brath a chur thuca.

Faodar fios a chur thuca air an àireamh fòn 101, neo fònadh gu Crimestoppers air 0800 555 111.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile