Sàbhailteachd sna beanntan

  • 17 An t-Iuchar 2017
Coire an t-Sneachda Image copyright Nigel Brown/Geograph

Eadar Diluain agus Dihaoine na seachdain seo chaidh, chaidh sgiobaidhean teasairginn a ghairm gu beanntan na Gàidhealtachd còig tursan gu luchd-sreap ann an trioblaid.

Phiobraich sin Poilis na h-Alba gu rabhadh a sgaoileadh ag iarraidh air luchd-sreap a bhith ullaichte airson na dh'fhaodadh tachairt sna monaidhean.

Thuirt Pàdraig MacAmhlaidh, a tha gu math eòlach air na monaidhean, 's e a' bruidhinn air Aithris na Maidne Diluain, gun robh e cudromach gum bi dòigh aig luchd-sreap air an cuir iad fios air na seirbheisean èiginn dar a thèid iad a-mach.

"Tha na rabhaidhean seo a' tighinn a-mach bliadhna an dèidh bliadhna, 's uaireannan grunn thursan sa bhliadhna," thuirt e.

A' Ghàidhlig

"Agus an turas seo tha mi a' smaoineachadh gur e an teachdaireachd gum fàg daoine fiosrachadh càite a bheil iad am beachd a dhol air na monaidhean.

"Bhon, ma tha thu ann an trioblaid chan eil fònaichean-làimhe an-còmhnaidh ag obair, agus chan eil dòigh air fios a chur air na seirbheisean èiginn.

"Cuideachd, air a' Ghàidhealtachd, tha beanntan leis an aon ainm ann ann an diofar sgìrean, 's tha e gu math furasta fiosrachadh ceàrr a thoirt do bhuidhnean teasairginn.

"Cuideachd, puing eile an seo, 's e ainmean Gàidhlig a th' air mòran de na beanntan air a' Ghàidhealtachd, 's chan eil Gàidhlig aig, uell, chanainn glè bheag de dhaoine a tha a' coiseachd a' mhonaidh," thuirt e.

Chan e sin a-mhàin, thuirt Pàdraig, ach comas iùil, 's a bhith ullaichte.

"Tha sin uabhasach fhèin cudromach, 's chan e a-mhàin fiosrachadh mionaideach mun t-slighe a tha cudromach, ach am mapa, an combaist, biadh is deoch is aodach freagarrach. Tha sin cho deatamach an-diugh 's a bha e riamh," thuirt e.

"Agus ma tha daoine a' coiseachd a' mhonaidh, fiù 's gun a dhol an-àirde gu 3,000tr, tha ceò glè bhuailteach a thighinn gun fhiosta, aig ìre gu math nas ìsle na 3,000tr, agus uaireannan bheir e ùine mhòr mus tog i - gu h-àraid mura h-eil gaoth ann airson a gluasad.

"Agus 's e ceist a th' ann an seo, chan eil fuasgladh sìmplidh ann.

"Mura h-eil daoine ag èisteachd dè 's urrainn dhut a dhèanamh? thuirt e.