Duais dhan Ghearasdan

  • 17 An t-Iuchar 2017
Caman is Ball

Rinn an Gearasdan eachdraidh air an deireadh-sheachdain le Cupa a' Bhaile Mhòir a bhuannachadh 'son a' chiad turas a-riamh.

Chaidh an geama aca an aghaidh Chabair Fèidh ann an Druim na Drochaid air ais is air adhart, is an dà sgioba air thoiseach dà thuras mus do chrìochnaich cùisean co-ionnan aig 4-4.

Bha e faisg cuideachd ann an slaicean peanais, an Gearasdan a' soirbheachadh 5-4 air a' cheann thalll.

Deagh là dhaibhsan ach briseadh-dùil do Chabers agus gu sònraichte Craig Moireasdan, a chaill ged a chuir e trì tadhail.

Sa Phrìomh Lìog rinn Baile Ùr an t-Slèibh a' chùis air Caol Bhòid 'son an darna seachdain ann an sreath, an turas seo 3-1.

Tha am Baile Ùr a-nise air ais san rèis aig a' mhullach is ceist no dhà ann mu Chaol Bhòid.

Dh'fhàg an droch shìde a bh' ann nach robh ach aon gheama eile sa Phrìomh Lìog.

Rinn Ceann a' Ghiuthsaich a' chùis 5-2 air Loch Abar sa gheama sin.

Bhuannaich darna sgioba Cheann a' Ghiuthsaich 4-2 an aghaidh nan Sgitheanach ann am Port Rìgh ann an Cupa Shrath Èirinn.

Bha Ceann a' Ghiuthsaich 3-0 air thoiseach aig lethach slighe is ged a rinn na Sgitheanaich nas fheàrr san darna leth, dh'fhaillich orra an geama a thionndadh.

Chaidh Srath Spè air thoiseach ann an Siabost ach choisinn tadhal bho Chraig MacLeòid puing luachmhor dha na Leòdhasaich.

'S e puing a bha sin a thog iad far bhonn na lìge, is bidh iad ag amas air togail air anns na seachdainean ri tighinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile