Tubaistean railidh fon phrosbaig

  • 17 An t-Iuchar 2017
Tubaist

Tòisichidh Rannsachadh Tubaist Bàsmhor an t-seachdain seo mu bhàs cheathrar luchd-taic rallaidh - boireannach às an Eilean Sgitheanach nam measg.

'S e seo a' chiad uair a bhios FAI a' rannsachadh bàis ann an diofar phàirtean de dh'Alba.

Chaidh Joy Robson, 50, às an Eilean Sgitheanach, a mharbhadh aig an Snowman Rally faisg air Druim na Drochaid ann an 2013.

Bhuail càr a chaidh far na slighe innte.

Bidh an FAI ann Dùn Èideann a' coimhead ris an tubaist sin, agus bàis Len Stern, Ealasaid Allan is Iain Provan aig Rallaidh Jim Clark anns na Crìochan ann an 2014.

Chaidh an lagh atharrachadh às dèidh nan tubaistean gus am biodh e comasach dha FAI coimhead ri tubaistean ann diofar phàirtean den dùthaich.

Cluinnidh an rannsachadh aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Dùn Èideann fianais 'son a' chiad turas Diciadain.

Tha dùil gum mair an rannsachadh grunn sheachdainean.