Cosgais sgan air boireannaich air Ghàidhealtachd

  • 17 An t-Iuchar 2017
Dealbh de scan Image copyright Getty Images
Image caption Thàinig e am folais tro Achd Saorsa an Fhiosrachaidh gu bheil aig euslaintich ri £5 a phàigheadh do NHS na Gàidhealtachd airson aon dealbh.

'S iad boireannaich leatromach air a' Ghàidhealtachd an aon fheadhain ann an Alba a dh'fheumas pàigheadh 'son leth-bhreac de na sganaichean ultrasound aca.

Thàinig e am folais tro Achd Saorsa an Fhiosrachaidh gu bheil aig euslaintich ri £5 a phàigheadh do NHS na Gàidhealtachd airson aon dealbh.

Tha seo ri fhaighinn an asgaidh ann an raointean slàinte eile.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun deach na cosgaisean a chur an sàs ann an 2014 agus gun robh an t-airgead a' dol mu choinneamh deagh phàipeir ach gu bheil iad a' dèanamh ath-sgrùdaidh air an t-siostam.

Thuirt neach-labhairt son na buidhne: "Tha na cosgaisean airson dealbhan sgan clo-bhuailte air a bhith ann son grunn bhliadhnaichean, ach mar thoradh air an fhiosracahdh as ùire gu bheil sin air ath-sgrùdadh a chur an gnìomh.