Maoin Hebridean Sea Salt gu luchd-trusaidh

  • 17 An t-Iuchar 2017

Chaidh am maoin aig a' chompanaidh anns na h-eileanan a bha an lùib rannsachaidh laghail a thoirt gu h-oifigeil ro luchd-trusaidh nam fiach.

Chaidh rèid a dhèanamh air an ionad ghnothachais a bha aig Hebridean Sea Salt air mhàl ann an Leòdhas le luchd-rannsachaidh a thug tòrr den stuth aca air falbh.

Thàinig e am follais gun robh a' chompanaidh a bha a' reic salann 'glan' às na h-eileanan, agus air a mhargaidheachd aig àrd ìre, a bha air a thoirt a-steach à sgìrean eile.

Dhùin a' chompanaidh às dèidh dhaidh 'fìor dhroch thrioblaidean ionmhais' fhulaing, a-rèir na tè-gnothachais a stèidhich i, Natalie Crayton.

Tha fiachain de faisg air £250,000 aig Hebridean Sea Salt.

Bha a' chompanaidh a' reic do chuid de na bùithtean mòra, a leithid Sainsbury's, Waitrose agus an Co-op.

Tuilleadh air an sgeulachd seo