Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Dh'iarr Rùnaire Brexit , Daibhidh Davis, air an dà thaobh a dhol an sàs len dìcheall anns an còmhraidhean. Tha an dàrna cuairt de na còmhraidhean foirmeil sin air tòiseachadh anns a' Bhruiseal 'sa mhadainn an-diugh. Mas do thòisich a' choinneimh thuirt Mgr Davis agus Àrd-Bharganaiche an EU, Michel Barnier, gum bi an earraNn seo de na còmhraidhean a' coimhead air còraichean saoranach, ionmhas agus crìoch na h-Eireann.

Cuideachadh gu bàs

Tha an Àrd Chùirt ann an Lunnainn ag èis`teachd ri tagradh bho dhuine a tha a' cur an aghaidh casg air cuideachadh gu bàs. Tha Noel Conway, a tha 67, agus air a bheil tinneas motor neurone, ag iarraidh cead do dhotairean a' bheatha a thoirt gu ceann, gun chasaidean a thogail nan aghaidh.

Charlie Gard

Nì dotair Aimearaganach sgrùdadh air cùis an leanaibh thinn, Charlie Gard, ann an Ospadal Great Ormond Street ann an Lunnain. Tha an t-Ollamh Michio Hirano, an sàs ann an rannsachadh air leigheas ùr dhan tinneas ghinideach a tha air an leanabh, a tha aona mhìos deug de dh'aois. Tha pàrantan Charlie, ag irraidh cead-laghail a chur dha na Stàitean Aonaichte a dh'fhaicinn an dèan an leigheas sin, a tha fhathast aig ìre deuchainn, feum dha. Tha Ospadal Great Ormond Street a' cumail a-mach nach dean an leigheas sin dad de dh'fheum dhan leanabh.

Aiseag a Chorrain

Tha iarrtas as ur ann 'son drochaid air an Linne Dhubh eadar Loch Abar agus Aird nam Murchan, an dèidh na thachair le aiseig a' Chorrain, Disathairne. Bhrist am bàta-aiseig sìos agus chaidh i air na creagan. Ged nach deach a droch mhilleadh feumaidh sgrùdadh a bhith ann mus till i. Chaneil am bàta-aiseig eile, Maid of Glencoul, ann an seirbheis nas motha, a' fagail luchd-siubhail le corr's 40 mìle de dh'astair rathaid taobh Loch Ailleart.

Ionnsaigh san Ìochdar

Tha polais a' rannsachadh tachartas aig taigh ann Uibhist a Deas a-raoir. Tha duine an greim aca an dÈidh ionnsaigh 'san taigh anns an Ìochdar.