Taigh-tasgaidh sa Ghearasdan ga leudachadh

  • 17 An t-Iuchar 2017
Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar Image copyright Shaun Ferguson/Geograph

Thèid Taigh-tasgaidh Taobh Siar na Gàidhealtachd a leudachadh 's a leasachadh.

Tha buidhean-stiùiridh an taigh-tasgaidh ag ràdh gu bheil an togalach a th'aca an-dràsta ann an Ceàrnag Chamshroin sa Ghearasdan ro bheag agus gun iarradh iad barrachd thaisbeanaidhean a chur air dòigh.

Chaidh an taigh-tasgaidh a stèidheachadh bho chionn faisg air 100 bliadhna.

Tha a' bhuidheann stiùiridh a' sireadh bheachdan dhaoine air a' chùis.

Tha na taisbeanaidhean anns an taigh-tasgaidh stèidhichte air eachdraidh na Gàidhealtachd an Iar, a leithid nan Seumasach.

Ach tha a' bhuidheann stiùiridh ag ràdh nach eil an togalach mòr gu leòr airson a h-uile rud a tha iad airson a thaisbeanadh.

Airgead a thogail

Am measg nan rudan air a bheil iad a' beachdachadh, tha iad a' coimhead air togalaichean fasig air làimh a ghabhail thairis neo an togalach a th'ann a leudachadh.

Thuirt Raghnall Camshrom air Aithris na Maidne Diluain gu bheil a' bhuidhinn stiùiridh mar-thà air air a bhith a' bruidhinn ri ailtire.

"Feumaidh sinn a bhith faiceallach a-thaobh airgid - agus tha againn ri airgead a thogail son an taigh-tasgaidh a mheudachadh.

"Chan eil sinn dìreach cinnteach dè tha sinn a' dol a dhèanamh agus air sgath sin, tha sin a' dèanamh suirbhidh, a' faighneachd dè tha daoine ag iarraidh.

Tha taisbeanadh aca mar-thà air na Comandothan a bha stèidhichte san sgìre ach thathar an dòchas sin a leudachadh.

Agus tha dòchas aca cuideachd na taisbeanaidhean aca air iomain agus gnìomhachas an aluminum a leasachadh.

A bharrachd air luchd-turais a thàladh, tha a' bhuidheann stiùiridh an dòchas gum biodh na h-atharraichean a' tarraing barrachd daoine às an sgìre fhèin cuideachd.