Dà thubaist fà-leth air an A82

  • 17 An t-Iuchar 2017
Poileis an làthair air tubaist Image copyright Jasperimage
Image caption Thachair an tubaist anns an robh an carbad eiridinn an sàs gu deas air Caisteal Urchadain.

Tha triùir a' faighinn cùraim san ospadal an dèidh dà thubaist fa-leth air an A82.

Bha carbad-eiridinn a' giùlain dhaoine bho thubaist a dh'fhàg bus air a chliathaich faisg air Inbhir Garradh mu 1:30f. feasgar Didòmhnaich gu ruige Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis.

An uair sin, mu 3:30f. faisg air Caisteal Urchadain, bhuail an carbad-eiridinn ann am motor-baidhseagail.

Thuirt na Poilis gun deach an duine a bha air a' mhotor-bhaidhseagail a dhroch ghoirteachadh.

Thathas ag iarraidh cluinntinn bho dhuine sam bith a chunnaic an dàrna tubaist, gu h-àraid dràibhear Fiat bheag ghorm, a bha a' siubhal gu deas aig an àm.