Iarrtas as ùr 'son drochaid a' Chorrain

  • 17 An t-Iuchar 2017
Aiseag a' Chorrain Image copyright Getty Images
Image caption Tha oifigearan Chomhairle na Gàidhealtachd ag ràdh nach eil coltas ann aig an ìre-sa gun deach slige a' bhàta a mhilleadh gu dona.

Tha suidheachadh Aiseag a' Chorrain ann an Loch Abar a' dearbhadh gum bu chòir drochaid a thogail thairis air an Linne Dhuibh - am beachd fear a bha na cheannard air Comhairle na Gàidhealtachd.

Bha an Dtr Mìcheal Foxley a' bruidhinn às dèidh mar a bhrist am bàt'-aiseig sìos agus a chaidh i air an creagan air an deireadh-sheachdain.

Chan eil fhios aig a' Chomhairle cuin a bhios i ri fhaighinn a-rithist.

Bhrist am bàt'-aiseag sìos mu 12:30f. Disathairne agus chaidh i air na creagan ach cha deach duine a ghoirteachadh.

Tha oifigearan Chomhairle na Gàidhealtachd ag ràdh nach eil coltas ann aig an ìre-sa gun deach slige a' bhàta a mhilleadh gu dona.

Obair càraidh

Ach feumaidh daibhearan sùil a thoirt oirre agus feumaidh luchd-einnsiniridh agus Buidheann Sgrùdaidh na Mara dèiligeadh leis na chaidh ceàrr.

Thuirt oifigearan cuideachd nach eil iad cinnteach cuin direach a bhios i air ais ann an seirbheis.

Tha am bàt'-aiseig eile Maid of Glencoull a-mach à seirbheis cuideachd fhad' 's a tha i feitheamh obair-càraidh.

Tha sin a' fagail gu feum daoine a dhol taobh Loch Ailleart.

Am beachd fear a bha na cheannard air Comhairle na Gaidhealtachd tha an suidheachadh a' dearbhadh gu feum drochaid a thogail thairis na linne.

Tha Mìcheal Foxley den bheachd gum bu choir an t-airgead a thighinn bho Aonta Bhaile Inbhir Nis.