Bòrd coimhearsnachd ùr ChalMac

  • 14 An t-Iuchar 2017
Aiseag

Tha CalMac ag iarraidh air daoine an ainmean a chur air adhart 'son a dhol air bòrd coimhearsnachd ùr na companaidh.

Tha iad ag ràdh gun toir am bòrd guth do choimhearnsnachdan air gnothaichean ChalMac.

Gheall CalMac nuair a bha iad a' farpais airson cùmhant aiseagan a' chosta an iar gun cuireadh iad buidheann mar seo air dòigh.

Bheir e guth, thuirt iad, dha na coimhearsnachdan air a bheil iad a' frithealadh.

Bidh 12 ball ann, is cathraiche neo-eisimileach, pàighte.

Coinnichidh am bòrd dà thuras sa bhliadhna, is bidh cothrom aig buill cosgaisean iarraidh air ais.

Tha CalMac mar-thà air stiùriche coimhearnsachd fhastadh, Brian Fulton.

Thuirt Mgr Fulton gu bheil cothrom an seo aig coimhearsnachdan am beachdan air seirbheisean aiseig a thogail.

Thuirt e gu bheil CalMac ag iarraidh daoine le eòlas air an lìonra air fad, seach dìreach na slighean anns an sgìre aca fhèin.

Tha dùil gum bi a' chiad choinneamh den bhòrd ann san Damhair.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile