Caol Bhòid air ais sa Bhaile Ùr

  • 14 An t-Iuchar 2017
Caman is ball

Tillidh Caol Bhòid a Bhaile Ùr an t-Slèibh Disathairne, seachdain às dèidh dhaibh a dhol a-mach à Cupa na Camanachd ann am Bàideanach.

Chaidh sgioba Sheumais Perlich dhan Eilean gun geama air chall ann am farpais sam bith am-bliadhna is sùil aca air na farpaisean air fad.

Tha an cothrom sin seachad dhaibh a-nise is am Baile Ùr cus ro mhath dhaibh air an là, a' soirbheachadh 4-1.

An turas seo 's e geama lìge a th' ann.

Bidh Caol Bhòid airson na thachair an t-seachdain se chaidh a chur air an cùlaibh, agus a' bheàrn sìos dhan Bhaile Ùr san lìog a chumail mar a tha e aig a' char as miosa.

Adhartas

Mar a thuirt an cluba air na meadhanan sòisealta an t-seachdain seo, tha iad cuideachd airson dearbhadh gu bheil iad nas fheàrr na sheall iad sa chupa.

Bha coltas dubhach air cothroman a' Bhaile Ùir an tiotail aca a ghlèidheadh uair eile nuair a chaill iad ri Lòbhat air a' mhìos a chaidh, a' fàgail gun robh iad air 3 a-mach à 8 san liog a chall.

Faodaidh rudan atharrachadh luath ann an spòrs is bhon uairsin tha am Baile Ùr air adhartas a dhèanamh ann an Cupa MhicAmhlaidh is Cupa na Camanachd, is iad 2 phuing a thoirt à Gleann Urchadain san lìog.

Ma thèid aca air a' chùis a dhèanamh air Caol Bhòid a-rithist bidh iad air ais san rèis aig a' mhullach, agus air ceist mhòr a chur ann an cinn sgioba Thaigh na Bruaich, a bha a' dol cho math.

Geama mòr dhan dà thaobh.

Cothrom

Feumaidh cuideigin puingean a leigeil às ann am Baile Ùr an t-Slèibh, is bidh Ceann Loch Seile ag amas air brath a ghabhail air sin is iadsan a' cur fàilte air Meadhan Earra-Ghàidheal.

Tha coltas ann gu bheil Seile air faighinn a-mach às an t-sloc anns an robh iad 'son treis, is cuid de na cluicheadairean a bha air an goirteachadh air tilleadh.

Bidh iad misneachail gum faigh iad 2 phuing eile Disathairne.

Anns an dà gheama eile sa Phrìomh Lìog, bidh Ceann a' Ghiuthsaich aig an taigh an aghaidh Loch Abair, is Camanachd an Òbain an aghaidh Chill Mhàillidh aig Mossfield.

Tha geama mòr ann an Druim na Drochaid far am bi Cabair Fèidh agus an Gearasdan a' coinneachadh sa chuairt dheireannaich de Chupa a' Bhaile Mhòir.

Tha eachdraidh làidir aig Cabers san fharpais seo is tha fìor dheagh sheusan air a bhith aca thuige seo, ach a-mhàin pronnadh a fhuair iad ann an Inbhir Aora ann an Cupa na Camanachd.

Eachdraidh

Seo cupa nach do bhuannaich an Gearasdan a-riamh - ged nach robh iad a' farpais ann tric is iad a' cluich aig ìre nas àirde - is cothrom aca beagan eachdraidh a dhèanamh.

Tha iad fhèin air a bhith a' dol gu math anns na seachdainnean mu dheireadh is iad air na Sgitheanaich is Inbhir Aora a chur a-mach às a' chupa seo.

Bidh dùil ri geam faisg ann an Druim na Drochaid.

Tha a' chiad sgioba aig na Sgitheanaich nan tàmh Disathairne, ach bidh an darna sgioba a' cur fàilte air Ceann a' Ghiuthsaich ann am Port Rìgh ann an Cupa Shrath Èirinn.

Bidh na Leòdhasaich an aghaidh Shrath Spè ann an Siabost.

Bidh sgioba Dhonnchaidh Mhic an t-Saoir a-rithist as aonais Dhòmhnaill MhicLaomainn is e a' fulang le corrag bhriste, is tha Ronan Mac na Ceàrdaich cuideachd a-mach le òrdag bhriste.

Bidh Kieran Dòmhnallach òg san sguad a-rithist.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile