Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Mauritius

Thuirt oifigearan poilis a tha a' rannsachadh bàs bana Albannach ann am Mauritius gu bheil fear air aideachadh ri a murt. Chaidh Janice Farman, a bhoinneadh do Bhruaich Chluaidh, a marbhadh le meirlich a bhrist a-steach gu a dachaidh air an eilean Diardaoin seo chaidh. Tha oifigearan ag ràdh gun do dh'aidich fear Ravish Fakhoo, 25, gun do mhurt e a' Bh. Ph. Farman. Tha dithis fhireannach eile, 18 is 25, cuideachd an grèim co-cheangailte ris a' chùis.

Dotairean

Dh'fhàg Colaisde Rìoghail nan Dotairean Teaghlach air Riaghaltas na h-Alba nach eil iad a' toirt airgead gu leòr do dh'ionadan GP. Tha a' colaiste ag ràdh gu bheil seo air a bhith na thrioblaid bho chionn fhada - agus gu bheil an t-uamhas mhì-chinnt ann mu mhaoineachadh anns an àm ri teachd. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun tèid £500m a chosg air seirbheisean slàinte làitheil - le darna leth den t-airgead a' dol gu dotairean teaghlaich.

Bàs

Chaidh an darna fhireannach a chur an grèim co-cheangailte ri bàs dhuine ann am pàirc ann an Siorrachd Lannraig a Deas. Chaidh Jason McCue, a bha 43, fhaighinn 's e air a dhroch leòn ann am Pàirc Iain Hastie ann an Srath Abhainn Dimàirt. Thuirt na poilis gu bheil am fear a chaidh a chur an grèim 27. Chaidh fireannach eile, 50, a chur an grèim an-dè.

Searbhag

Chaidh moladh gum bu chòir a dhèanamh nas duilighe a bhith a' ceannach searbhag às dèidh sreath do dh'ionnsaighean ann an Lunnain an-raoir. Eadar mu 10.00 agus 11.30, chaidh searbhag a thilgeil air còignear dhaoine le dithis a bha a' dol mun cuairt air sgùtair. Dh'fhuiling aon den fheadhainn a chaidh an losgadh lobhtan a mhaireas airson a' chòrr dha bheatha. Thuirt na poilis gu bheil iad air deugaire, 16, a chur an grèim co-cheangailte ri na h-ionnsaighean.

EasyJet

Cuiridh EasyJet companaidh adhair ùr air chois anns an Roinn Eòrpa 's iad ag ràdh gu bheil iad airson na còirichean itealachd aca a dhìon an uair a dh'fhàgas Breatainn an EU. Bidh a' chompanaidh ùr, EasyJet Europe, stèidhichte anns an Ostair. Leigidh seo leotha cur a-steach airson cead a bhith a' sgèith eadar dùthchannan an Aonaidh Eòrpaich às dèidh Brexit.

Ionnsaigh

Tha poilis ann an Inbhir Nis a' sireadh fiosrachaidh às dèidh mar a chaidh boireannach òg a droch dhochann 'sa bhaile. Chaidh ionnsaigh a thoirt air a' bhoireannach, 22, fhads a bha i a' coiseachd air Sràid Simpsons ann an sgire Mharc Innis den bhaile tràth madainn Diciadain.