Oifigear ùr an Stafainn

  • 14 An t-Iuchar 2017
Aonghas Moireach Image copyright Urras an Taobh Sear

Tha Urras an Taobh Sear san Eilean Sgitheanach air oifigear ùr fhastadh airson pròiseact dualchais a thoirt air adhart.

Bidh Aonghas Moireach à Beinn na Faoghla ag obair air 'Ceumanan', a tha ag amas air sgeulachd na sgìre innse agus an eaconomaidh ionadail a neartachadh.

Dh'obraich Aonghas roimhe air pròiseactan dualchais san Òban is anns na h-Eileanan an Iar.

Tha Urras an Taobh Sear ag ràdh gur e taigh-tasgaidh gun bhallachan is mullach a tha ann Ceumanan.

Tha iad 'son slighean coiseachd a leasachadh is barrachd àitean pàircidh a chruthachadh, is gnothaichean eile mar phanalan fiosrachaidh ùrachadh.

'S e oidhirp a th' ann air barrachd dhaoine a thàladh a Stafainn, agus an cumail san sgìre nas fhaide.

"S e an obair a th' ann an Ceumanan, tha sinn a' feuchainn ri daoine a tharraing dhan àite airson barrachd na leth là dìreach a' dràibheadh timcheall", thuirt Aonghas Moireach.

"Ma tha sinn a' cur ris na rudan a tha ri fhaicinn anns a' choimhearsnachd, bidh daoine a' fuireach ann airson dhà no trì no ceithir no còig làtha.

"Bidh iad a' fuireach anns an àite, a' dol a-mach airson biadh an sin cuideachd", thuirt e.

"Tha sinn airson 's gum bi barrachd dhaoine a' tighinn suas an rathad ach airson ùine nas fhaide na th' iad.

Tha Urras an Taobh Sear gu mòr ag iarraidh cuideachd air muinntir an àite a dhol an sàs sa phròiseact.

Mar phàirt den obair aige, bidh Aonghas cuideachd a' dol a-steach dha sgoiltean ionadail 'son bruidhinn air dualchas an àite.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile