Taighean ùra air an Tairbeart

  • 14 An t-Iuchar 2017
An Tairbeart Image copyright Geograph / James Allan

Chaidh planaichean fhoillseachadh 'son dachaidhean ùra air an Tairbeart 'sna Hearadh.

'S e Buidheann Taigheadais Innse Gall a tha air cùl an leasachaidh.

Tha iad an dùil ochd flataichean a thogail air an làraich air an robh stèisean poileis a' bhaile.

Bha iad a' feitheamh ùine airson dearbhadh fhaighinn air an làraich, ach tha iad a-nise an dòchas gun gluais cùisean gu sgiobalta, agus gun tèid na taighean a thogail san aithghearrachd.

Dh'fhaodadh, ma thèid am pròiseas mar a tha iad ag iarraidh, gum bi luchd-togail air am fasdadh ro dheireadh na bliadhna.

Tha Tormod MacLeòid, a tha air air bòrd stiùiridh Taigheadas Innse Gall, ag ràdh gun dèan na taighean feum mòr.

"Tha tòrr dhaoine a' feitheamh air dachaidhean anns na Hearadh is gu h-àraidh air an Tairbeart", thuirt Mgr MacLeòid.

Teaghlaichean

"Mar sin bha e mar fhiathachadh oirnn làrach a lorg a bhiodh freagarrach, is cho faisg air meadhan a' bhaile is a ghabhadh, gu h-àraidh airson teaghlaichean le clann òga, daoine a tharraing a-steach air ais dhan Tairbeart.

"Tha e cudromach gum faigh sinn an làrach seo a dhol cho luath 's a ghabhas", thuirt e.

Dh'innis Mgr MacLeòid cuideachd gu bheil Buidheann Taigheadais Innse Gall airson leasachaidhean mar seo a chur air adhart ann an sgìrean eile.

Thuirt e gu bheil iad a' cumail sùil gheur feuch a bheil iarrtas gu leòr ann 'son taighean ùra a thogail ann an sgìrean dùthchail.

"Ma tha daoine gu leòr ann an sin a tha ag iarraidh dachaidhean agus a bhios cinnteach gum fuirich iad anns na coimhearsnachdan sin, tha sinne an còmhnaidh deònach dachaidhean a chur ann.

"Tha e mar fhiathachadh oirrn sealtainn air na h-Eileanan air fad. Chan ann dìreach air Steòrnabhagh no air an Tairbeart agus ann am Baile a' Mhanaich.

"Feumaidh sinn coimhead bho Nis sìos gu Bhatarsaidh", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile