Impidh ùr mu sheirbheisean fiaclaireachd

  • 14 An t-Iuchar 2017
Uidheamachd fiaclaireachd Image copyright GOMBERT, SIGRID/SCIENCE PHOTO LIBRARY

Tha impidh às ùr ga chur air Bòrd Slàinte nan Eilean Siar mu na planaichean aca airson crathadh a thoirt air seirbheisean fiaclaireachd ann an Uibhist.

Thàinig na seachd comhairlichean ann an Uibhist is Barraigh còmhla gus litir a sgrìobhadh gu Cathraiche a' Bhùird, Neil Galbraith, agus t-Àrd Oifigear, Gòrdan Jamieson.

Tha iad a' fàgail air a' Bhòrd nach eil iad a' toirt seirbheis fhiaclaireachd choileanta seachad.

Tha na comhairlichean ag ràdh nach eil taic idir ann airson planaichean a' bhùird gus aon ionad a bhith ann an Ospadal Uibhist is Bharraigh.

A rèir nan comhairlichean, 's e na tha daoine ag iarraidh ach gun tèid na h-ionadan ann an Loch Baghsdail, Loch nam Madach is Lionacleit a leasachadh.

Feargach

Tha iad cuideachd feargach gun deach ionad Loch Baghsdail a dhùnadh mar-thà.

Thuirt iad nach eil e ceart siostam a tha ag obair atharrachadh mus bi an goireas a thèid na àite stèidhichte.

Thog iad cuideachd air litir bhon Bhòrd-Slàinte dhan bhuidhinn-dealbhachaidh ionadail anns a bheil iad ag aideachadh gu bheil ionad Lionacleit cuideachd feumach air obair-leasachaidh.

Tha na comhairlichean a' ceasnachadh mar sin carson nach do dhùin am Bòrd-Slàinte ionad Lionacleit, mar a rinn iad ann an Loch Baghsdail.

Bu chòir an dà ionad a leasachadh, a rèir nan comhairlichean.

Thuirt Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gun d'fhuair iad litir nan comhairlichean is gu bheil iad air na beachdan a chomharrachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile