Pleanaichean ùra aig Inbhir Lòsaidh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Plèanaichean ùra gan taisbeanadh aig Inbhir Lòsaidh

13 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh plèanaichean ùr an RAF a bhios a' cumail fàire air sgìrean mara na Rìoghachd Aonaichte a thaisbeanadh ann am Moireibh an-diugh.

Tha an MOD a' ceannach naoi itealain Poseidon às na Stàitean Aonaichte agus tha iad ag ràdh gun lion iad sin a' bheàrn a chaidh fhàgail nuair a chaidh na plèanaichean Nimrod a thoirt a-mach à seirbheis bho chionn seachd bliadhna.

Bidh na plèanaichean stèidhichte aig Ionad Inbhir Lòsaidh agus tha an RAF ag ràdh gun tig corr is ceithir cheud obair nan cois.

Tha Ruairidh Macìomhair ag aithris...