Cha robh càil ceàrr air rannsachadh Chuil Uaraich
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Poilis Alba ag ràdh nach robh càil ceàrr air mar a làimhsich iad rannsachadh Chuil Uaraich

13 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thuirt Poilis Alba nach robh dad ceàrr san dòigh san do làimhsich iad rannsachadh mu bhuaireadh comataidh ionaltraidh Chuil Uaraich ann an Leòdhas.

Anns a' Mhàirt am bliadhna thuirt na polais gu robh iad riaraichte nach do thachair càil mì-laghail le airgead na comataidh.

Ach chaidh gearain a dhèanamh nach do rannsaich iad sin gu cothromach.

A nise, an deidh ath-sgrudaidh, tha na polais ag ràdh gu bheil iad toilichte le mar a chaidh dèiligeadh ris.

Seo Murray MacLeòid