Dùil ri togail do dh'eaconamaidh Mhoireibh

  • 13 An t-Iuchar 2017
Itealan Poseidon

Thuirt Feachd Rìoghail an Adhair (RAF) gun toir cabhlach ùr de dh'itealain patròl mara a thig gu RAF Inbhir Lòsaidh ann am Moireibh, suas ri 500 cosnadh, agus £400m do dh'eaconamaidh na sgìre.

Dh'fhàg an co-dhùnadh connspaideach gus cur às do na h-itealain Nimrod nach eil comas faire far chladaich aig Breatainn.

Tha àrd-oifigearan san RAF a-niste ag ràdh gun lìon na h-itealain ùra Poseidon às na Stàitean Aonaichte ann an 2020, a' bheàrn sin.