Feumaidh boireannach, 96, Astràilia fhàgail

  • 13 An t-Iuchar 2017
Christina Ghrannd Image copyright Grant Family

Chaidh innse do bhoireannach, aois 96, gum feum i Astràilia fhàgail agus tilleadh gu Alba, agus eas-aonta ann mun bhìosa aice.

Thug teaghlach Christina Ghrannd, a bhuineas do Dhrochaid Thulnain ann an Srath Spè, a dh'Astràilia i an dèidh bàs a mic, Raibeart, a bha a' cumail cùraim rithe, sa Ghearran 2015.

Tha a mac eile, Ailean, agus a bhean Diane, ag ràdh gun do rinn iad a h-uile rud a b' fheudar dhaibh mu choinneimh riaghailtean a' bhìosa aice.

Tha oifigich in-imreachd ann an Astràilia, a tha ag ràdh gun do dh'fheuch iad obrachadh còmhla ris na Granndaich, air innse gum feum i tilleadh a dh'Alba.

Slàinte

Tha dùil aig a' Bh-Ph. Ghrannd tilleadh a dh'Alba air 26mh an t-Iuchair, an là air an tig am bhìosa tadhail aice gu crìch.

Thuirt a teaghlach gur e sin, no gun deadh a cur a-mach às an dùthaich, no bliadhnaichean de mhì-chinnt fhad 's a dh'fheuchadh iad ri bhìosa ùr fhaighinn dhi.

Tha pàirt-fhradhairc aig a' Bh-Ph. Ghrannd, agus tha dementia oirre, agus dh'iarr a teaghlach oirre falbh a dh'fhuireach an Astràilia leotha ri linn a cuid thrioblaidean slàinte.

B' e cùmhnant a' bhìosa a fhuair i gum feumadh i Astràilia fhàgail aon turas gach 12 mìos, ach gum faigheadh i air tilleadh.

Bha a teaghlach draghail nach robh i falain gu leòr airson sgèith, agus chuir iad air dòigh crùis dhi gu ruige Vanuatu.

Bha iad den bheachd gun coileanadh sin an cùmhnant bhìosa.

Ach às dèidh na crùise, thuirt Roinn na h-In-Imreachd agus Dìon Chrìochan nach deach an cùmhnant a choileanadh.

Thuirt Diane gun deach innse dhaibh le eòlaichean in-imreachd Astràilianach gum faodadh bhìosa ùr fhaighinn 30 bliadhna a thoirt.

Bhìosa Turasachd

Tha iad a-niste ag ullachadh airson sgèith a dh'Alba còmhla ris a' Bh-Ph. Ghrannd.

Thuirt an teaghlach gun do dh'fhoillsich iad an suidheachadh aca gus fios a chur air teaghlaichean eile gur dòcha gun lorg iad fhèin san aon shuidheachadh.

Thuirt Roinn na h-Inimrachd agus Dìon Chrìochan aig Riaghaltas Astràilia gum feum bhìosa ceart a bhith aig a h-uile duine a thadhaileas air an dùthaich, a rèir faid an turais aca, agus gum feum iad cumail a rèir chùmhnantan a' bhìosa sin.

"Tha a roinn eòlach air suidheachadh na B-Ph. Ghrannd, agus chan eil iad ag ullachadh gus a cur a-mach à Astràilia.

"Bidh bhìosa turasachd mar as trice ceart airson suas ri 12 mìos a chur seachad san dùthaich, agus, coltach ri bhìosathan turasachd uile, tha e ag amas air tursan sealadach a cheadachadh, seach tursan fada, no a bhith a' fuireach ann.

"Ag aithneachadh a suidheachadh, tha an roinn air a bhith ag obair còmhla ris a' Bh-Ph. Ghrannd feuch a stàdas bhìosa a rèiteachadh, bho thàinig a bhìosa turasachd gu crìch.

"Chan eil a' Bh-Ph. Ghrannd air iarrtas sam bith a chur a-steach leis an roinn airson bhìosa ùir."