Buaireadh mu bhìobhairean

  • 13 An t-Iuchar 2017
Na bìobhairean Image copyright Trees for Life
Image caption Dealbh den teaghlach, a chaidh a thogail le camara ribeach.

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba gun teaghlach de bhìobhairean a ghluasad bhon àrainn aca air Ghàidhealtachd.

Tha a' mhàthair agus dà chuilean a' tighinn beò air abhainn faisg air Manachainn MhicShimidh.

Tha dùil gun tèid an gluasad gu làrach eile le Dualchas Nàdair na h-Alba, ged nach eil fhios càite.

Thugadh dìon oifigeil do bhìobhairean a tha a' tighinn beò ann an Taobh Tatha, agus ann an Earra-Ghàidheal.

Chaidh bìobhairean dùthchasach na h-Alba a shealg chun na h-ìre 's gun deach iad à bith anns an 16mh Linn.

'S e an carthanas Trees for Life a dh'innis do dh'SNH gun robh na bìobhairean ann, 's tha iad air innse do Mhinistear na h-Àrainneachd, Roseanna Choineagan, gum bu chòir an cumail ann.

Thuirt labhraiche dhan bhuidhinn gum bu chòir an gluasad gu àite faisg air làimh, ma dh'fheumas an gluasad idir.