Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An t-Iuchar 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Choinnich Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, ri àrd-bharganaiche an EU air Brexit, Michel Barnier, anns a' Bhruiseil an-diugh. Tha dragh air Riaghaltas na h-Alba mu bhuaidh Brexit cruaidh taobh a-muigh na margaidh singilte, agus mu chòirichean na h-Alba. Bidh Mgr Barnier a' bruidhinn cuideachd ri ceannard nan Làbarach, Jeremy Corbyn, agus ri Prìomh Mhininstear na Cuimrigh, Carwyn Jones. Ach rinn e follaiseach nach dèan e barganachadh ri duine no buidhinn sam bith ach Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.

Bile na h-Ais-ghairm

Tha an Riaghaltas a' gabhail a' chiad cheum mhòir an-diugh ann an toirt lagh an Aonaidh Eòrpaich a-steach gu lagh Bhreatainn, le Bile na h-Ais-ghairm a' dol mu choinneimh na Pàrlamaid. Tha na ministearan ag ràdh gun toir sin smachd dhaibh air mar a dh'fhàgas iad an EU. Ach tha Buill-Phàrlamaid Làbarach a' maoidheadh gum bhòt iad an aghaidh a' bhile mura bi na h-uimhir de dh'atharrachadh ann.

Charlie Gard

Tha cùis an leanaibh thinn, Charlie Gard, air tilleadh dhan Àrd-Chùirt ann an Lunnainn an-diugh. Tha luchd-lagha do phàrantan a' ghille bhig, a tha 11 mìos de dh'aois agus air a bheil tinneas nach gabh leigheas, ag argamaid gu bheil leigheas ùr ann aig ìre dheuchainn fhathast a dh'fhaodadh cuideachadh a dhèanamh dha. Tha na cùirtean air riaghladh ron seo nach eil dad ann a ghabhas dèanamh dhan leanabh, 's gum bu chòir an t-inneal a tha ga chumail beò a thionndadh dheth.

Tidsearan

Tha Tòraidhean na h-Alba ag ràdh gum faodadh gainnead thidsearan a bhith a' cuingealachadh farsainneachd chuspairean ann an cuid de sgoiltean. Tha iad ag ràdh gu bheil feadhainn de sgoiltean a' tabhann taghaidh nas motha de chuspairean aig àrd-ìre na tha sgoiltean eile faisg air làimh, agus gu bheil an trioblaid gu math tric nas miosa ann an sgìrean far a bheil gainnead thidsearan. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil an Curriculum airson Sàr-Mhaitheis a' toirt sùbailteachd do sgoiltean a thaobh nan cuspairean a tha clann ag iarraidh.

Corp am Barraigh

Thuirt poilis anns na h-Eileanan an Iar gun deach corp fireannaich a bha 32 bhliadhna de dh'aois, fhaighinn air a' chladach ann am Bàgh a' Chaisteil ann am Barraigh mu 07:00f an-raoir. Thuirt iad nach eil dad amharasach ann agus gun deach fios a chur air a theaghlach. Thèid aithisg gu Neach-Casaid a' Chrùin.

Gall-Ghàidhealaibh

'S thuirt poilis gun deach corp a thoirt às a' mhuir far chosta Ghall-Ghàidhealaibh far an deach iasgair a dhìth an-raoir. Fhuair iad am bàta san robh e faisg air Eilean Whithorn.

Col Uarach

Cho-dhùin Poilis na h-Alba nach eil susbainnt ann an gearainnean mun dòigh anns an do làimhsich iad rannsachadh mu airgead baile Chuil Uaraich ann an Leòdhas. Anns a' Mhàrt am-bliadhna thuirt na Poilis nach do thachair dad mì-laghail le airgead comataidh ionaltraidh a' bhaile. Ach chaidh gearain aig an àm sin nach do rinn iad an rannsachadh gu cothromach. A-nise, an dèidh ath-sgrùdaidh, tha na Poilis ag ràdh gu bheil iad riaraichte leis mar a làimhsich iad a' chùis.