Corp fireannaich ga fhaighinn am Barraigh

  • 13 An t-Iuchar 2017

Dhearbh na Poilis gun deach corp fireannaich fhaighinn ann am Bàgh a' Chaisteil ann am Barraigh.

Fhuaireadh corp an duine, a bha 32, air a' chladach mu 07:00m Diardaoin.

Bha na Poilis an làthair, cuide ri Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba, agus Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich.

Chan eileas an dùil aig an ìre seo gu bheil càil amharasach mun chùis, agus chaidh fios a chur air teaghlach an duine.

Thèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.