Brugh Lego

  • 13 An t-Iuchar 2017
Brugh Lego Image copyright Arran Sinclair

Thèid brugh bho Linn an Iarainn, ach air a dhèanamh de Lego a thaisbeanadh don phoball aig tuath an t-seachdain seo.

A' seasamh 40cm de dh'àirde, 's a' sgaoileadh thairis air 1.2 meatar ceàrnagach, tha 10,000 pìos anns an tùr 's an crùth-tìre mu thimcheall.

'S iad a' bhuidheann Brick the Past - a bhios a' togail mhodalan eachdraidheil ann an Lego - a thog e do Phròiseact Bhruigh Ghallaibh.

Image copyright Arran Sinclair

Bidh am modal ri fhaicinn aig Taigh-Tasgaidh Caithness Horizons ann an Inbhir Theòrsa bho Dhihaoine 14mh Iuchar gu 16mh an Damhair.

"'S e obair mhìorbhailleach a tha seo, agus tha e uabhasach doirbh stad a chur ort fhèin a bhith a' cluiche leis," thuirt Coinneach Mac Ille Ruaidh, aig Pròiseact Bhuirgh Ghallaibh.

"Tha sinn an dòchas gum brosnaich am brugh Lego daoine a bhith ag ionnsachadh 's a' mealtainn dualchais arc-eòlaich iongantaich Ghallaibh.

Image copyright Dan Harris

"Bu mhath leinn cuideachd taing a thoirt do Bhunait Discovery Santander airson am brugh seo a dhèanamh comasach."

Tha barrachd làraichean bhrugh ann an Gallaibh na th' ann an sgìre sam bith eile de dh'Alba, agus chaidh Pròiseact Bhuirgh Ghallaibh a chur air chois gus aire a tharraing gu na th' air fhàgail de chòrr is 180 dhiubh san sgìre.

Image copyright Arran Sinclair

Tha cuideachd buirghean rim faicinn ann an Glean Eilg, an Arcaibh, agus ann an Sealtainn, a tuilleadh air leithid Dhùn Chàrlabhaigh ann an Leòdhas.

Thuirt Dan Harris, bho Brick the Past: "Is fìor thoil leinn eachdraidh, agus tha sinn den bheachd gur e dòigh mhath dha-rìribh a th' ann an Lego a bhith a' dùsgadh ùidh gach cuid ann an daoine òga agus daoine nas sine anns a' chuspair.

"Nuair a thàinig Pròiseact Bhuirgh Ghallaibh thugainn, cha b' e ruith ach leum.

"Tha cruth a' bhuirgh a' fàgail gur e gun teagamh am modal as dùbhlannaiche a thog mi riamh, ach tha e air a bhith iongantach dha-rìribh, 's chòrd e rium a bhith ga thogail."